Postair airson Stagecoach Gleann Comhann
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Thug a’ choidse cothrom do luchd-turais Gleann Comhann fhaicinn. B’ i a’ Ghàidhealtachd aon de na ciad àiteachan turasachd san RA, le tursan timcheall na sgìre a’ tòiseachadh gu cunbhalach bho na 1750an. Aig an àm seo, chuir cogadh san Roinn Eòrpa stad air na clasaichean as beairtiche bho bhith a’ gabhail pàirt anns a’ Ghrand Tour gus am foghlam aca a leudachadh. Bhathar a’ faicinn a bhith a’ Tadhal air Alba mar dhòigh eile gus seo a dhèanamh. Dh’fhàs siubhal dhan Ghàidhealtachd na bu mhòr-chòrdte bho na 1870an mar thoradh air a’ Bhan-rìgh Bhictoria.

Tha am postair seo a’ toirt fiosrachadh seachad mu bhith a’ siubhal dhan sgìre tro choidse Ghleann Comhann. B’ urrainn do luchd-turais an uair sin trèana a ghlacadh bho Bhaile a’ Chaolais dhan Òban, mus gabhadh iad an aiseag gu Eilean Mhuile tro ionad-aiseig Mhic a’ Bhriuthainn san Òban. Bha an turas na bu luaithe buileach às dèidh dhan rathad-iarainn a bhith ann - dh’fheumadh coidsichean stad gu cunbhalach gus fois a thoirt do na h-eich agus mar as trice, bhiodh iad a’ siubhail aig timcheall air 12 mìle san uair.

Ach bhiodh e còrdadh ri luchd-turais suibhail tro Ghleann Comhann, agus iad air an tharraing dhan sgìre a bha ainmeil airson a bhòidhchead air leth. Nas fhaide air adhart, bha e cuideachd co-cheangailte ri sreapadaireachd agus spòrs geamhraidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1902
Stuthan: Pàipear
Meudachd: 74cm x 53cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content