Speuclairean a’ Mhorair MhicShimidh
Taigh-tasgaidh na Gàidhealtachd an Iar

Thathar ag ràdh gur ann le Sìm Friseal, 11mh Mòrair MacShimidh, (1667 – 1747) a bha na speuclairean cruinn, slige-turtair seo aig a bheil cèis leathair.

B’ e Ceann-cinnidh Chlann Fhriseil a bh’ ann, bha e na Sheumasach air an robh am far-ainm ‘an Seann Sionnach’ airson a chuid cealgaireachd, a falachd fhòirneartach, agus mar a bha a dhìlseachd caochlaideach.

Chaidh MacShimidh a dhìteadh airson brathadh airson a phàirt ann an Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745 agus chaidh binn a chur air gum biodh e air chrochadh, air a tharraing agus air a chairtealachadh. Chaidh a pheanas atharrachadh gu dì-cheannachadh agus air 9 Giblean 1747, b’ esan an duine mu dheireadh a chaidh a chur gu bàs gu poblach air Tower Hill, Lunnainn.

Thàinig an uimhir de dhaoine gus cur gu bàs an Fhrisealaich fhaicinn is gun do thuit àrd-ùrlar air an robh luchd-amharc agus gun deach naoinear a mharbhadh. Bha seo cho èibhinn do Lovat is gu bheil cuid den bheachd gun tàinig an abairt Beurla ‘laughing your head off’ às a seo.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1680 – 1740
Stuthan: Tortoiseshell, glainne, leathar
Meudachd: 11cm x 25cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content