Clach an Toirc
Ionad Eòlas Thairbeart

Thathar den bheachd gur e mullach sarcophagus no tuama a bh’ anns a’ chloich mhòir, shnaidhte seo. Tha a’ charragh-chuimhne seo bhon ochdamh linn na deagh eisimpleir de charragh-chuimhne Chruithneach.   

Chithear dà torc ann am pannalan fa leth air aon taobh den chloich. A dh’aindeoin crìonadh, tha leòmhann no cat mòr fhathast ri fhaicinn. Tha cruth crois aig ceann na cloiche.   

Chaidh grunn dealbhaidhean Cruithneach a lorg air feadh ceann a tuath na h-Alba. Thug na Ròmanaich an t-ainm picti air na Cruithnich, a’ ciallachadh daoine air am peantadh agus thàinig an t-ainm Beurla air na Cruithnich - Picts - às a sin.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 800 AD
Stuthan: Clach-ghainmhich
Meudachd: 106cm x 26cm x 43cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content