Baidse Militär Verwaltung
Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Chaidh a’ bhràiste armailteach neo-àbhaisteach seo a thoirt do bhuill shìobhalta de rianachd airm nan Nàsaich agus chaidh a chruinneachadh mar chuimhneachan rè an Dàrna Cogaidh.

Air an taobh eile chithear iolaire a’ Wehramacht agus suaicheantas swastika sa mheadhan, air a chuairteachadh le ugh-chruth le dathan nàiseanta an Treas Reich (dearg, geal is dubh) leis an sgrìobhadh ‘Militär Verwaltung’ air ann an litrichean gothic.

Bha grunn rudan Gearmailteach neo-àbhaisteach mar phàirt de chruinneachadh a chaidh a thoirt seachad ann an tiona thoitean, nam measg buinn airgid, notaichean banca agus maidsichean. Chan eil fios againn ciamar a fhuaradh e an toiseach, ach tha mòran dhaoine a’ faireachdain caran mì-chofhurtail le cuimhneachain an Dàrna Cogaidh, ged a tha ùidh aig daoine annta agus gar cuideachadh gus taobhan den eachdraidh seo a thuigsinn.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1949
Stuthan: Pràis le comhdach airgid, cruan
Meudachd: 4.6cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content