Clogaid mèinneadair
Ionad Dualchais Bhùra

’S ann le Thomas Murray Hunter, a bha ag obair ann am Mèinn Guail Bhrùra bho 1915 gu 1947, a bha a’ chlogaid mèinneadair leathar dubh, cruaidh seo.

Bha gual fìor chudromach aig àm a’ chogaidh, airson cumhachd do ghnìomhachas, rathaidean-iarainn agus luingearachd. Aig àm an Dàrna Cogaidh, bha gainnead mhèinnearan ann oir chaidh mòran fhireannaich a shabaid. Mar thoradh air seo, chaidh mèinnearachd a chomharrachadh mar dhreuchd glèidhte, le mèinneadairean air an saoradh bho sheirbheis sna feachdan armaichte.

Dh’fheumadh mèinnearan a bhith ag obair ann an suidheachaidhean agus àiteachan a bha gu math cuingichte agus gu math doirbh. Bha leòintean cinn cumanta agus chaidh clogaidean a dhealbhadh gus mèinnearan a dhìon bho bhith a’ bualadh an cinn no bho bhith air am bualadh le creagan a’ tuiteam.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1915
Stuthan: Leathair
Meudachd: 26cm x 19cm x 13cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content