Adharc pùdair
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann
Bhiodh pùdar-spreadhaidh anns an adharc shònraichte seo a bha air a chleachdadh leis an luchd-obrach aig Cuaraidh Bhaile a’ Chaolais.
Chaidh an sglèat a chruthachadh san linn Precambrian, bho chionn timcheall air 800 millean bliadhna. Chaidh a’ chreag mheatamorfach seo a chleachdadh gus sglèatan mullaich a chruthachadh airson na sgìre mun cuairt agus cuideachd do bhailtean leithid Glaschu is Dùn Èideann. Bhiodh tuill air an drileadh dhan chreig agus air an lìonadh le pùdar.
Bhiodh an spreadhadh a thàinig às a’ cruthachachadh pìosan sglèat na bu lugha às an gabhadh sglèataichean mullaich a dhèanamh.
Chaidh seo a chleachdadh le Mgr MacColla agus chaidh a thoirt dhan taigh-tasgaidh le a nighean.
View in 3D below, drag the object to rotate it, use your mouse wheel to zoom in and out.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach
Ceann-latha: 1920s
Stuthan: Adharc
Meudachd: 30cm