Postair trusaidh aig na Camshronaich le Iain Eadie
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal

Chaidh postairean fastaidh a dhealbhadh gus daoine a bhrosnachadh a dhol a-steach dhan Arm. Bidh iad gu tric a’ cleachdadh raon de dhòighean sanasachd agus innealan brosnachaidh. An-diugh tha iad uaireannan air am faicinn mar propaganda, am facal a’ tha a' ciallachadh fiosrachadh a tha a’ brosnachadh sealladh sònraichte ann an dòigh mheallta no claon.   

Tha am postair seo a' sealltainn Seàirdeant ann an èideadh rèisimeideach Camshronach na Banrigh agus rinneadh e ann am meadhan an fhicheadamh linn.  

  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1940-1960
Stuthan: Litograph air pàipear
Meudachd: 50cm x 75cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content