Mac-samhail de thargaid
Taigh-tasgaidh Dualchas Ghleann Comhann

Tha am mac-samhail àlainn seo a’ toirt dhuinn sealladh air blàran Gàidhealach bho dheireadh an t-siathamh linn deug gu meadhan an ochdamh linn deug. Gu dearbh, b’ e targaidean Gàidhealach an seòrsa sgiathan mu dheireadh a chaidh a chleachdadh ann am blàran san Roinn Eòrpa.

Tha an spìc air an aghaidh a’ sealltainn gum biodh an targaid air a bheil am mac-samhail seo stèidhichte ga cleachdadh airson ionnsaigh a bharrachd air dìon. Mar as toinnte an dealbhadh, is ann as àirde inbhe an t-saighdeir.

A rèir aithris bha targaidean mar phàirt àbhaisteach de dh’uidheamachd shaighdearan agus tha fios againn gun do dh’iarr am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart barrachd dhiubh airson Blàr Chùil Lodair ann an 1746 ri linn gainnead uidheamachd.

Tha fianais ann cuideachd gun do thrèig cuid de Ghàidheil na targaidean aca air caismeachd fhada na h-oidhche ro Bhlàr Chùil Lodair.

Bithear a’ dèiligeadh gu faiceallach ri targaidean tùsail air sgàth an aois agus cho cugallach ’s a tha iad. Bidh mòran thaighean-tasgaidh a’ dèanamh mac-samhailean de nithean gus an urrainn do luchd-tadhail an làimhseachadh agus tuigse nas fheàrr fhaighinn air cho trom ’s a tha iad agus mar a tha iad a’ faireachdainn.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1970-1990
Stuthan: Pràis, leathar
Meudachd: 52cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content