Litir bho shaighdear, 1915
Taigh-cùirte Chrombaigh

Tha an litir seo ag innse sgeulachd dhrùidhteach mu chaoimhneas aig àm a’ Chogaidh Mhòir, nuair a bha Cromba na ionad trèanaidh dhan Arm. Chaidh campa de bhothanan a stèidheachadh dìreach taobh a-muigh a’ bhaile agus bha ospadal airm ann cuideachd.  

Chuir an Lance Corporal H Whyte aig Camshronaich (Raidhfealan na h-Alba) an litir taing seo, nuair a bha e na euslainteach. Sgrìobh e gu nighean-sgoile às an sgìre às dèidh do thidsear a bhith a’ brosnachadh gach sgoilear gus ugh a thoirt do na saighdearan a bha san ospadal. 

Tha an litir ag ràdh:
Tha mi nis glè thoilichte na loidhneachan seo a sgrìobhadh thugad, gus taing mhòr a thoirt dhut air son nan uighean a chuir thu thugam oir fhuair mi fhèin fear

Tha an litir a’ leantainn:
Tha e uamhasach còir gu bheil thu a’ smaoineachadh air na fir a tha nan laighe an seo agus tha mi an dòchas nach cuir e dragh ort gun do sgrìobh mi thugad. Tha mi an dòchas gum bi deagh shlàinte agad fad do bheatha agus nach bi latha tinn agad gu bràth agus gum beannaich Dia thu agus gun dìon e thu airson do chuid caoimhneis. 

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1915
Stuthan: Pàipear
Meudachd: 20cm x 15cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content