Ad maighstir-stèisein
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Bhuineadh an ad seo do AG Thom, am maighstir-stèisein mu dheireadh aig Stèisean an Damhath. Chaidh an Stèisean a dhùnadh ann an 1965 mar phàirt de ghearraidhean mòra Beeching. B’ e loidhne bathair cudromach a bh’ ann an Loidhne an Damhath, agus b’ i tè de na rathaidean-iarainn a b’ àirde air a’ Ghàidhealtachd. Le mòr-fhàs nan rathaidean-iarainn ann am meadhan nan 1800an, chaidh loidhnichean a thogail timcheall air farsaingeachd de mhonaidhean na Gàidhealtachd. Bhiodh an rathad-iarainn a’ giùlan luchd-turais Bhictorianach gu tuath airson saor-làithean an t-samhraidh agus uisge-beatha, iasg agus stoc gu deas dhan mhargaidh.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1965
Stuthan: Stuth-aodaich
Meudachd: 28cm x 26cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content