A’ Bhriogais air chall
Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Bha an obair-ealain seo mar phàirt de phròiseact a rinn luchd-ealain ionadail mu ‘Dhùthaich Rob Donn: 300 Years of Rob Donn Mackay’. Tha gach pìos ealain na mhìneachadh air cuspairean, dain no tachartasan co-cheangaitle ri Rob Donn. Chaidh an obair ealain seo a chruthachadh le Joanne B. Karr

Tha Rob Donn na dhuine air leth cudromach ann an eachdraidh litreachas na Gàidhlig. Rugadh Rob Donn ann an Allt na Caillich, an t-Srath Mhòr, ann an 1714, agus bha Ro beò aig àm amhraideach ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, a’ gabhail a-steach ar-a-mach nan Seumasach. Chaidh an obair ealain seo a chruthachadh mar phàirt den phròiseact gus aire a thogail mun bhàrd chudromach seo.

Leis nach robh e comasach dha leughadh no sgrìobhadh, chaidh bàrdachd Rob a sgrìobhadh sìos le daoine eile aig deireadh a bheatha. Bha e ainmeil airson a theanga searbh (geur agus èibhinn). Fhad ’s a bha e a’ frithealadh banais mar aoigh gun chuireadh, bha Rob a’ fanaid air mòran dè na h-aoighean agus e a’ beachdachadh air far an robh paidhir bhriogais a chaidh a dhìth, air a bheilear a’ toirt iomradh an seo. Thug an dàn iomradh cuideachd air Achd an Èideadh 1746 a chuir casg air a bhith a’ caitheamh èideadh Gàidhealach ann an Alba.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 2017
Stuthan: Denim,sreang, mòine, pàipear, meatailt
Meudachd: 30cm x 40cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content