Bruis aodaich leis an t-Saighdear Phrìobhaideach D Ross aig 79mh Saighdearan-coise Aotrom na Gàidhealtachd
Taigh-tasgaidh nan Gàidheal
Bhiodh a’ bhruis aodaich seo na phàirt de na 'riatanasan’ aig saighdear agus cuidichidh i sinn gus beatha làitheil buill de na feachdan armaichte a thuigsinn.
B’ iad na riatanasan na h-aodaich agus nithean pearsanta a bhathar an dùil a bheireadh saighdearan leotha air an cosgais fhèin. Bha iad tric air an ceannach bho neach-cairteil na Rèisimeid a bhiodh air prothaid bheag a dhèanamh. Bhuineadh a’ bhruis seo dhan t-Saighdear Phrìobhaideach Ross a bha na bhall ann an Saighdearan-coise Aotrom na Gàidhealtachd fad aon air fhichead bliadhna.
Tha a’ bhruis aodaich seo a’ sealltainn cho cudromach ’s a bha e do shaighdearan a bhith a’ toirt spèis dhan èideadh aca agus a bhith a’ coimhead spaideil fad an t-siubhail.