Meuran
Taigh-tasgaidh Bhaile nan Granndach

Tha meuran gar toirt air ais do na làithean nuair a bha fuaigheal tòrr na bu chumanta na tha e an-diugh. Chuir iad dìon air a’ mheur bho bhith air a ghoirteachadh le snàthad nuair a bha iad ri fuaigheal.

Chan e rud ùr a th’ ann am meurain. Tha cladhach arc-eòlais air meurain a lorg a tha còrr is dà mhìle bliadhna a dh’aois. Chan eil am fear seo cho aosta, ge-tà. Rinneadh e aig deireadh linn Bhictoria agus chaidh a dhealbhadh le seudair is ceàrd-airgid Lunnainneach, BW Fase & Co.

Chaidh a chruthachadh bho dhuilleag airgid, air a lùbadh gu bhith na siolandair. Tha na h-eagan agus na claisean air mullach a’ mheurain air an dealbhadh gus deireadh na snàthaid a ghlacadh gus nach bi i a’ sleamhnachadh.

Tha meuran a tha air an dèanamh de dh’airgead gu math bog agus gu tric rinn cuideam cunbhalach bhon t-snàthad milleadh air an uachdar. Tha am meuran seo ann an deagh staid gun sgrìoban sam bith air, a’ sealltainn gur dòcha gun deach a chumail mar phàirt de chruinneachadh. Tha cruinneachadh mheuran na chur-seachad mòr-chòrdte!

Tha am bogsa ann an cumadh sònraichte le lìnigeadh meileabhaid agus dubhan a’ sealltainn gur e rud daor a bhiodh ann.

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1880s
Stuthan: Airgead
Meudachd: 1.5cm x 2cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content