Samplair obair-snàthaid
Taigh-cùirte Chrombaigh

Seo eisimpleir Bhictorianaich de shamplar obair-snàthaid. Anns an riochd as tràithe aca, chaidh samplairean a chur ri chèile mar eisimpleirean pearsanta den obair air grèiseadairean: deuchainnean air pàtrain agus greimeannan a bha iad air ionnsachadh bho dhaoine eile, clàran de dh’obair shònraichte a rinn iad a b’ urrainn dhaibh dèanamh a-rithist.  

Bhathar a’ cleachdadh shamplairean gu h-ionadail anns na sgoiltean gus clann-nighean a theagasg gus fuigheall agus a bhith a’ cleachdadh nan diofar sheòrsaichean ghreimeannan.  

Tha fios againn gun deach am pìos seo a dhèanamh le caileag òg air an robh Katherine Thomson ann an Cromba. Tha seo a’ dol air ais dhan chiad leth den naoidheamh linn deug agus a’ sealltainn cuspair cumanta Àdhamh agus Eubha leis an nathair agus an ubhal. Ach, chan eil ceann-latha air an t-samplair seo agus tha seo a’ cruthachadh duilgheadas dhuinn leis gun robh dithis nighean air an robh Katherine Thomson ann an Cromba aig an àm sin! Far am bheil ceann-latha air samplairean, is urrainn dhaibh a bhith nan goireasan feumail do dhaoine a tha a’ rannsachadh eachdraidh teaghlaich.  

Gluais thairis air an dealbh gus sùmadh a-steach

Ceann-latha: 1800-1840
Stuthan: Aodaich
Meudachd: 35cm x 25cm

Dh’fhaodte gun còrd nas leanas riut:
Skip to content